Tha Duaisean Gàidhlig na h-Alba a' toirt aithne do na tha daoine agus buidhnean bho air feadh na dùthcha a tha a' dèanamh obair an lùib iomadh raon a bhuineas do chànan is cultar nan Gàidheal.

Tha e na adhbhar moit don Daily Record a bhith cur na h-iomairt air bhog airson duaisean 2018 còmhla ri ar prìomh luchd-urrais, Bòrd na Gàidhlig, duaisean a tha a' toirt aithne do shàr oidhirpean is soirbheachadh ann an cultar, foghlam agus saoghal na Gàidhlig san fharsaingeachd, agus iad a' dèanamh follaiseach an deagh obair a thathar a' dèanamh gus cor is dualchas a' chànain a chumail suas is a thoirt air adhart.

Seo an siathamh bliadhna de na Duaisean agus bidh còrr is 200 aoigh an làthair aig cuirm nan duaisean, a' gabhail a-steach nan daoine a tha air a' gheàrr-liosta airson duais, luchd-urrais nan duaisean agus luchd na Gàidhlig. Aig a' chuirm fhèin bidh ceòl agus measgachadh math de dhibhearsain, an dà chuid traidiseanta agus ùr-nodha, mar phàirt den oidhche.

Thèid Duaisean Gàidhlig na h-Alba a chumail air Diciadain 14 Samhain san Taigh-òsta Grand Central, Glaschu agus bidh an Craoladair Albannach, Cathaidh NicDhòmhnaill, na bean an taighe airson na h-oidhche a-rithist.